
Local artists sought for Outer Hebrides Wildlife Festival Art Exhibitions
Nature-inspired artists in the Outer Hebrides are being invited to showcase their work at this year’...
Bheir Gnèithean air an Oir comhairle seachad an-asgaidh a thaobh na th’ air an fhearann agad agus mar a dhìonas tu e. Tha trì oifigearan aig Gnèithean air an Oir ann an Innse Gall. Cuir fios chun an oifigeir as fhaisge ort (faic am mion-fhiosrachadh gu h-ìosal) airson bruidhinn mu na ghabhas a dhèanamh agus dè am maoineachadh a dh’fhaodadh a bhith ri fhaighinn. Ma tha ceist agad a dh’fheumas oifigear eile, innsidh iad dhut cò iad.
Tha laganan nan lodanan eu-domhain sealach a thiormaicheas rè an earraich is an t-samhraidh. Lorgaidh pailteas eun mòran bìdh annta, ach gu sònraichte eòin-ghrunnachaidh mar a’ churracag agus an guilbneach.
’S urrainn dhut laganan a chruthachadh le bhith a’ cur stad air drèanadh laganan nàdarra no le bhith a’ cladhach laganan eu-domhain thu fhèin. Feumaidh leathad eu-domhain a bhith annta, oir fhada agus àitichean domhain a ghlèidheas uisge gu ruige an t-Ògmhios. Barrachd fiosrachaidh mun laganan: Laganan | RSPB.
Ma chruthaicheas tu laganan air an fhearann agad, nì thu an dà chuid àite air leth feumail dha na h-eòin-ghrunnachaidh san sgìre agad agus ’s urrainn dhut na caoraich agad ionaltradh an sin fhathast – agus a bharrachd air sin, dh’fhaoidte gun toir Gnèithean air an Oir airgead dhut air an son! Bruidhinn rinn airson barrachd fiosrachaidh.
Tha rudan ann as urrainn dhut dèanamh airson bith-iomadachd air an fhearann agad a chur am meud. Bruidhinn ris an sgioba agad is innsidh iad dhut na b’ urrainn dhut dèanamh agus a bheil maoineachadh sam bith ri fhaighinn air a shon. No rùraich na goireasan againn gu h-ìosal.
Tha e dearg chudromach nar n-obair aig Gnèithean air an Oir uiread a dh’fhiosrachadh a chruinneachadh mu na prìomh ghnèithean againn oir bidh na nì sinn airson taic a chumail riutha stèidhichte air an fhiosrachadh seo. Agus ’s urrainn dhutsa taic a chumail rinne! Tha sinn a’ toirt seachad trèanadh saor ’s an-asgaidh ach an urrainn do dhaoine air feadh Innse Gall barrachd fiosrachaidh fheumail a chur thugainn mu na lusan is beathaichean a th’ ann an cunnart far a bheil iadsan. Ma tha ùidh agad ann an suirbhidh air an fhearann agad no mar a nì thu sin thu fhèin, cuir fios thugainn.
Gainnead fiadh-bheatha air an fhearann agad? Cuir fios thugainn agus chì sinn na ghabhas a dhèanamh, tha fàilte mhòr ro cheistean.
Nature-inspired artists in the Outer Hebrides are being invited to showcase their work at this year’...
Tha sinn a’ gairm air luchd-ealain nàdair sna h-Eileanan Siar an cuid obrach a thaisbeanadh aig Fèis...
Registration for events for the 2025 Outer Hebrides Wildlife Festival is now open....