Skip to main content

Fiathachadh do chroitearan air feadh nan Eilean an cuid sgeulachdan innse mar phàirt de phròiseact rannsachaidh ùr

Croitearan sna h-Eileanan gan sireadh airson sgrùdadh ùr a tha a’ toirt sùil air beatha croitearachd nan eilean, an nàdar, agus sunnd pearsanta.

Read in English

Dubadh aig an fhaing, An Taobh Siar Leòdhais (c) Jon Macleod

Tha luchd-rannsachaidh a’ sireadh chroitearan bho air feadh nan Eilean airson pàirt a ghabhail ann an sgrùdadh ùr a tha a’ toirt sùil air a’ cheangal shònraichte eadar beatha croitearachd nan eilean, an nàdar, agus sunnd pearsanta – a’ chiad rannsachadh den leithid a tha gu sònraichte a’ coimhead air coimhearsnachdan anns na h-Eileanan.

’S ann le Gnèithean air an Oir, ann an com-pàirteachas ri Atlantic58 agus Urras Glèidhteachas nan Seilleanan, a tha am pròiseact ’s e a’ sireadh chroitearan aig gach aois, le eòlas den a h-uile seòrsa airson pàirt a ghabhail ann an agallamhan fa leth as t-samhradh-sa. Gabhaidh na h-agallamhan a chumail a-staigh, a-muigh air a’ chroit, no air loidhne – ge bith dè fhreagras oirbh as fheàrr. Faodaidh an t-agallamh a bhith sa Ghàidhlig no sa Bheurla, agus mairidh e mu uair a thìde gu leth.

Ged a tha rannsachadh a’ dol air adhart ann an coimhearsnachdan tuathanachais air tìr-mòr na h-Alba a choimhead air ceanglaichean ri nàdar ’s sunnd, chan eil an leithid de sgrùdadh ga dhèanamh anns na h-Eileanan. Tha croitearachd sna h-Eileanan sònraichte – leis an tìr, an cànan, an cultar ’s cleachdaidhean uile a’ toirt buaidh ann an dòigh nach fhaighear ann an àite sam bith eile – agus tha an luchd-rannsachaidh airson a’ bhuaidh a tha seo a’ toirt air eòlas nan croitearan ’s an ceangal a th’ aca ris an t-saoghal nàdarra a thuigsinn.

Bidh an sgrùdadh a’ rannsachadh a’ cheangail a tha croitearan a’ faireachdainn a th’ aca ri nàdar, agus ma tha an ceangal sin a’ toirt buaidh air an cuid sunnd, agus na tha a’ toirt air daoine gnìomhan a tha math dha nàdar a thoirt gu buil air an fhearann aca.

Thuirt Frances Simmons aig Atlantic58, a tha air cheann nan agallamhan: “Tha sinn airson cluinntinn bho chroitearan iad fhèin – an t-eòlas ’s na sgeulachdan aca, agus an dàimh a th’ aca ris an fhearann. Chan fheum sibh eòlas sònraichte sam bith airson pàirt a ghabhail ann. Chan eil sinn ach airson faighinn a-mach na tha croitearachd a’ ciallachadh dhuibh-se, agus mar a tha sibh a’ faireachdainn mun nàdar a tha ceithir timcheall oirbh.”

Gabhaidh toraidhean an rannsachaidh a chleachdadh airson goireasan practaigeach a leasachadh a chuidicheas buidhnean glèidhteachais gu bhith ag obair ann an dòigh nas èifeachdaiche ri coimhearsnachdan croitearachd, agus a dhearbhaicheas gu bheil pròiseactan glèidhteachas nàdair san àm ri teachd a’ tighinn a rèir feumalachdan ’s lèirsinn cheart nan daoine fhèin.

Thèid agallamhan a chumail san Iuchar ’s san Lùnastal 2026, air cinn-latha a fhreagras air na com-pàirtichean. Tha an sgioba rannsachaidh airson cluinntinn bho chroitearan aig diofar aoisean, gnèithean ’s le eòlas sam bith bho air feadh nan eilean.

Airson barrachd fiosrachaidh no airson pàirt a ghabhail san rannsachadh, cuiribh fios gu Frances Simmons aig Frances@atlantic58.co.uk no cuiribh fòn gu 01851 827310.

Traon, Uibhist a Deas (c) Lorne Gill / NàdarAlba
Machair, Leòdhas (c) Jon Macleod
A’ bearradh caoraich le deamhas (c) Jon Macleod
Great yellow bumblebee on a flower
Seillean mòr buidhe, Machair ann an Uibhist a Deas (c) Lorne Gill / NàdarAlba

A’ cur bùntata air a’ mhachair (c) Jim Hope

Related Posts

×

Join Our Mailing List!

Stay updated on the latest news and initiatives. Sign up for our mailing list.