
Meet the Species on the Edge trainees!
Meet the four Species on the Edge trainees!...
Bheir Gnèithean air an Oir comhairle seachad an-asgaidh a thaobh na th’ air an fhearann agad agus mar a dhìonas tu e. Tha ceithir oifigearan aig Gnèithean air an Oir ann an Earra-Ghàidheal agus sna h-Eileanan A-Staigh. Cuir fios chun an oifigeir as fhaisge ort (faic am mion-fhiosrachadh gu h-ìosal) airson bruidhinn mu na ghabhas a dhèanamh agus dè am maoineachadh a dh’fhaodadh a bhith ri fhaighinn. Ma tha ceist agad a dh’fheumas oifigear eile, innsidh iad dhut cò iad.
Tha laganan nan lodanan eu-domhain sealach a thiormaicheas rè an earraich is an t-samhraidh. Lorgaidh pailteas eun mòran bìdh annta, ach gu sònraichte eòin-ghrunnachaidh mar a’ churracag agus an guilbneach.
’S urrainn dhut laganan a chruthachadh le bhith a’ cur stad air drèanadh laganan nàdarra no le bhith a’ cladhach laganan eu-domhain thu fhèin. Feumaidh leathad eu-domhain a bhith annta, oir fhada agus àitichean domhain a ghlèidheas uisge gu ruige an t-Ògmhios. Barrachd fiosrachaidh mun laganan: Laganan | RSPB.
’S e an rud as fheàrr mu laganan a chruthachadh air an fhearann agad (a thuilleadh gur e àrainn air leth feumail a th’ annta dha eòin-ghrunnachaidh na sgìre) gum faod thu an crodh is na caoraich agad ionaltradh air an fhearann fhathast. ’S urrainn dha Gnèithean air an Oir comhairle a thoirt dhut. Cuir fios thugainn airson barrachd fiosrachaidh.
Tha rudan ann as urrainn dhut dèanamh airson bith-iomadachd air an fhearann agad a chur am meud. Bruidhinn ris an sgioba agad is innsidh iad dhut na b’ urrainn dhut dèanamh agus a bheil maoineachadh sam bith ri fhaighinn air a shon. No rùraich na goireasan againn gu h-ìosal.
Tha e dearg chudromach nar n-obair aig Gnèithean air an Oir uiread a dh’fhiosrachadh a chruinneachadh mu na prìomh ghnèithean againn oir bidh na nì sinn airson taic a chumail riutha stèidhichte air an fhiosrachadh seo. Agus ’s urrainn dhutsa taic a chumail rinne! Tha sinn a’ toirt seachad trèanadh saor ’s an-asgaidh ach an urrainn do dhaoine air feadh Earra-Ghàidheal agus nan Eileanan A-Staigh barrachd fiosrachaidh fheumail a chur thugainn mu na lusan is beathaichean a th’ ann an cunnart far a bheil iadsan. Ma tha ùidh agad ann an suirbhidh air an fhearann agad no mar a nì thu sin thu fhèin, cuir fios thugainn.
Gainnead fiadh-bheatha air an fhearann agad? Cuir fios thugainn agus chì sinn na ghabhas a dhèanamh, tha fàilte mhòr ro cheistean.
Meet the four Species on the Edge trainees!...
Here’s a look at what Sally, Cathryn and Liz have all been up to in Argyll and the Inner Hebri...
Learn more about how we're helping people boost their wellbeing through connecting with nature....