Skip to main content

Cuireadh do dhaoine òga buaidh a thoirt air glèidhteachas nan ialtagan ann an Earra-Ghàidheal ’s sna h-Eileanan A-Staigh san àm ri teachd

Tha buidheann glèidhteachais ùr fo stiùireadh òigridh ga chur air bhog ann an Earra-Ghàidheal ’s sna h-Eileanan A-Staigh

Common pipistrelle bat in flight

Read in English

A brown long-eared bat flying at night eating a moth
Ialtag fhad-chluasach dhonn (c) Daniel Hargreaves

Tha buidheann glèidhteachais ùr fo stiùireadh òigridh ga chur air bhog ann an Earra-Ghàidheal ’s sna h-Eileanan A-Staigh, a’ toirt cothrom do dhaoine òga eadar aois 14 ’s 18 làmh a chur air an stiùir ’s beathaichean, air nach deach mòran rannsachaidh a dhèanamh thuige seo, a dhìon.

Tha Comhairle Òigridh nan Ialtagan ann an Earra-Ghàidheal ’s sna h-Eileanan na h-iomairt ùr aig Gnèithean air an Oir, prògram glèidhteachais airson gnèithean ann an cunnart air feadh cladaichean ’s eileanan na h-Alba. Fhad ’s a tha fhios, seo a’ chiad bhuidheann dhen t-seòrsa seo sa cheàrnaidh agus bidh e fosgailte do dhaoine òga aig a bheil ùidh ann an eòlas, suirbhidhean ’s dìon nan ialtagan ionadail.

Tha ceithir gnèithean de dh’ialtagan beò sa cheàrnaidh: a’ mheanbh-ialtag choitcheann; a’ mheanbh-ialtag dhonn; meanbh-ialtag Daubenton; agus ialtag fhad-chluasach dhonn.

Thèid an iomairt a chur air bhog air loidhne air an 5mh latha dhen Chèitean aig 7:30f, a’ toirt cothrom do dhaoine òga barrachd fiosrachaidh fhaighinn mun chothrom shònraichte seo.

Tha ialtagan feumach air taic ann an Earra-Ghàidheal ’s na h-Eileanan A-Staigh

Chrìon àireamh nan ialtagan gu mòr san linn seo chaidh air feadh na Rìoghachd Aonaichte, gu sònraichte an cois thogalaichean ùra agus atharrachaidhean a thàinig air cleachdadh an fhearainn. Tha cùisean nas dorra fhathast dhan fheadhainn air eileanan na h-Alba: leth-oireachd nan sluaghan (ma thuiteas àireamh ann an àite, bidh e nas dorra do dh’fheadhainn eile tighinn a-steach), an aimsir gharbh, agus gainnead bhith-àrainnean (gu sònraichte air eileanan far a bheil craobhan gann).

Tha beàrnan mòra nar n-eòlas cuideachd. Cha deach ach glè bheag dhe na h-ialtagan air cladach ’s eileanan na h-Alba a chlàradh, agus chan eil ach fios mu thuaiream againn mu na h-àitichean far a bheil iad, a bheil an àireamh a’ dol suas no sìos, dè na cunnartan mòra sa bheil iad agus mar as fheàrr a chuidicheas sinn iad. Tha Comhairle Òigridh nan Ialtagan airson seo atharrachadh.

Buannachdan dha na daoine òga

Gheibh buill Comhairle Òigridh nan Ialtagan ann an Earra-Ghàidheal ’s na h-Eileanan trèanadh bho Urras Glèidhteachas nan Ialtagan, ag ionnsachadh mar a nì iad suirbhidhean air ialtagan, mar a dh’aithnicheas iad gnèithean ’s mar a chruinnicheas iad dàta. Gheibh iad fiosrachadh cuideachd air laghan a bhuineas do dh’fhiadh-bheatha agus obair-ghlèidhteachais chùramach.

A bharrachd air sgilean teicnigeach, togaidh iad sgilean ceannardais, obrach-sgioba agus stiùireadh phròiseactan mar phàirt dhen bhuidheann. Gheibh na daoine òga taic airson am buidheann a ruith iad fhèin agus airson pròiseactan glèidhteachas ialtagan a stiùireadh sna coimhearsnachdan aca fhèin. ’S e buill a’ bhuidhinn a cho-dhùineas dè na h-iomairtean a chuireas iad air chois.

Cur air bhog air loidhne – 5mh An Cèitean 2026

Thèid an iomairt a chur air bhog air loidhne Dimàirt an 5mh latha dhen Chèitean 2026 aig 7:30f air Microsoft Teams. Bidh fàilte ro neach òg sam bith a tha ag iarraidh barrachd fiosrachaidh mun bhuidheann, na nì na buill agus carson a tha ialtagan ann an Earra-Ghàidheal ’s sna h-Eileanan A-Staigh feumach air taic an-dràsta fhèin.

Thuirt Kelly, Oifigear Urras Glèidhteachas nan Ialtagan aig Gnèithean air an Oir: “’S e creutair cho inntinneach a th’ anns an ialtag agus feumaidh iad ar taic, gu sònraichte air costa an iar na h-Alba. Bheir Comhairle Òigridh nan Ialtagan ann an Earra-Ghàidheal ’s na h-Eileanan na sgilean, an t-eòlas ’s a’ mhisneachd a dh’fheumas iad airson iomairtean glèidhteachais a stiùireadh agus airson deagh bhuaidh a thoirt air suidheachadh nan ialtagan ionadail aca. Tha mi air bhioran coinneachadh ris na daoine òga a cho-dhùineas na nì am buidheann seo agus a bhios os cionn iomairtean glèidhteachas ialtagan sna coimhearsnachdan aca.”

Airson barrachd fiosrachaidh no ma tha thu airson tighinn dhan tachartas, cuir post-d gu Kelly: KBow@bats.org.uk

Common Pipistrelle bat on a tree
Mheanbh-ialtag choitcheann (c) Hugh Clark
Soprano pipistrelle in flight
Mheanbh-ialtag dhonn (c) Bat Conservation Trust
Daubenton's bat in flight at night
Meanbh-ialtag Daubenton (c) Daniel Hargreaves
A brown long-eared bat
Ialtag fhad-chluasach dhonn (c) Hugh Clark

Related Posts

×

Join Our Mailing List!

Stay updated on the latest news and initiatives. Sign up for our mailing list.