02 Luchar 2024
Tha luchd-obrach Puirt-adhair na Gàidhealtachd is nan Eilean a’ dol a dh’obair còmhla ri prògram glèidhteachais Gnèithean air an Oir airson bith-àrainn neadachaidh shàbhailte a chruthachadh do dh’eun ainneamh, an steàrnag-bheag, aig Port-adhair Ìle.
Thig an steàrnag-bheag a dh’Alba as t-earrach a neadachadh, a’ sireadh tràighean air a’ chladach agus sna h-eileanan far an stèidhich iad colonaidhean neadachaidh. Gu mì-fhortanach, brisidh daoine, coin agus tuiltean a-steach gu tric air a’ bhith-àrainn as fheàrr leis an steàrnaig-bhig. Cha seas an steàrnag-bheag cus rudan a bhriseas a-steach orra agus dh’fhaoidte gun cuireadh iad cùil ri neadan, uighean is iseanan.
Tha cunntas-sluaigh briodadh nan eun-mara mu dheireadh (Seabirds Count: 2015-2021) ag innse dhuinn gun deach àireamh nan steàrnagan-beaga sìos le 29% sna 20 bliadhna seo chaidh ann an Alba, gu sònraichte ann an Earra-Ghàidheal is Bòd far an deach an àireamh sìos 46% san aon ùine. ’S e cruthachadh raointean far nach bris dad a-steach orra agus far a bheil stuth neadachaidh iomchaidh an dòigh as fheàrr airson dìon nan steàrnagan-beaga.
Tha an steàrnag-bheag am measg nan 37 gnèithean ainneamh is cugallach ris a bheil Gnèithean air an Oir, prògram glèidhteachais ùr eadar iomadh com-pàirtiche, a’ cur taic. Tha am prògram seo a fhuair na milleanan de dh’airgead o Mhaoin Dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta ag obair ann an seachd raointean mòra de dh’fhearann ann an Alba, ag obair le buidhnean is coimhearsnachdan ionadail a dhèanamh cinnteach gum mair na gnèithean cladaich ann an Alba a tha sa chunnart as motha.
Tha luchd-obrach Gnèithean air an Oir, Port-adhair Ìle agus an RSPB air obair a dhèanamh airson raon sàbhailte a chruthachadh far an tog steàrnagan-beaga na h-iseanan aca. Cho-dhùin iad gum b’ e pìos de raon-laighe nach eilear a’ cleachdadh tuilleadh faisg air a’ chladach an t-àite as fheàrr dhaibh. Fhuaras stuthan on tràigh ann agus agragaid o Phort-adhair Ìle agus mar thabhartas o sholaraichean ionadail agus chaidh a’ bhith-àrainn ùr dhan steàrnaig-bhig a chruthachadh leis.
Mar chomharra dha na steàrnagan-beaga gur e raon sàbhailte airson briodadh a tha sa bhith-àrainn ùir, chaidh steàrnagan-beaga fuadain a rinn Gnèithean air an Oir a chur air an làraich. Chaidh steàrnagan-beaga fuadain plastaig geala a dhèanamh le clò-bhualadair 3D agus am peantadh an uair sin. Bidh an steàrnag-bheag a’ briodadh ann an colonaidhean agus aithnichidh iad raointean sàbhailte ma chì iad steàrnagan-beaga eile a’ neadachadh ann agus leis a sin, thathar an dùil gun tàladh sin steàrnagan-beaga a tha mun cuairt ann.
Thig buannachdan an cois na bith-àrainn neadachaidh ùir seo cuideachd do ghnèithean eile a tha a’ crìonadh, mar an trìlleachan-tràighe a nì neadan san aon seòrsa de bhith-àrainn.
Thuirt Lucy Atkinson, Oifigear Pròiseact Gnèithean air an Oir ann an Ìle: “Tha sinn ro-thoilichte gun deach a’ bhith-àrainn neadachaidh chudromach seo a chruthachadh dhan steàrnaig-bhig, taing do dhealas an luchd-obrach ionadail aig Port-adhair Ìle agus HIAL. Cumaidh sinn sùil air an àite rè seusan a’ bhriodaidh agus tha sinn cho toilichte gu bheil sinn a’ faicinn a dheagh bhuaidh air eòin a neadaicheas air an talamh mar-thà.”
Thuirt Fiona Strachan, Manaidsear Prògram Gnèithean air an Oir: “Tha e fìor mhath a’ cho-iomairt seo fhaicinn ann an Ìle airson taic a chumail dhan steàrnaig-bhig. Tha steàrnanan nas feumaiche air ar taic na bha iad a-riamh roimhe agus seo deagh eisimpleir dhen t-seòrsa de chom-pàirteachas a tha sinn a’ brosnachadh air feadh sgìrean ar pròiseict. Tha sinn fada an comain gach neach a tha an sàs ann agus guma math a thèid leis na steàrnagan-beaga san t-seusan bhriodaidh seo.”
Thuirt Niall Colthart, Manaidsear Port-adhair Ìle: “Tha mi glè thoilichte mun cho-obrachadh seo eadar sinn fhìn, Gnèithean air an Oir agus RSPB airson bith-àrainn neadachaidh shàbhailte a chruthachadh dhan steàrnaig-bhig air an eilean bhòidheach seo. Chan ann a-mhàin gu bheil an iomairt seo a’ cumail taic ri gnè ann an staing ach cuideachd a’ sealltainn cho dealasach ’s a tha sinn mun stiùbhartachd àrainneachdail againn. Le bhith a’ cur gu feum pìos dhen raon-laighe nach eil sinn a’ cleachdadh tuilleadh, tha sinn a’ dèanamh cinnteach gum bi àite briodaidh sàbhailte aig na h-eòin mhìorbhaileach seo, a’ cur ri obair-ghlèidhteachais dualchas nàdarra Ìle.”
Thuirt Gayle Barclay, Ceannard Roinn na h-Àrainneachd is So-sheasmhachd aig Puirt-adhair na Gàidhealtachd is nan Eilean: “Mar luchd-cùraim ar n-àrainneachd, tha sinne aig Puirt-adhair na Gàidhealtachd is nan Eilean Earranta glè thoilichte co-obrachadh a dhèanamh le Gnèithean air an Oir agus an RSPB airson tèarmann a chruthachadh dhan steàrnaig-bhig aig Port-adhair Ìle. Le bhith a’ dèanamh bith-àrainn neadachaidh gun bhuaireadh de phìos dhen raon-laighe nach cleachd sinn tuilleadh, tha sinn airson àite sàbhailte a chruthachadh far an tig na h-eòin seo beò is iad ann an staing. Tha dealas againn ri glèidhteachas seachad air na tha ar n-obair làitheil a’ gabhail a-staigh, a’ sealltainn gu bheil sinn gu mòr airson bith-iomadachd a ghlèidheadh is taic a chumail ri èiceo-shiostaman ionadail.”