
17 February 2024
Bidh Fèis Fiadh-Bheatha nan Eilean a’ tilleadh as t-samhradh, agus tha clàradh thachartasan airson fèis na bliadhna-sa a-nis fosgailte.
Tha Fèis Fiadh-Bheatha nan Eilean na cùirm bhliadhnail, leis a’ choimhearsnachd fhèin aig an stiùir, airson sàr fhiadh-bheatha nan Eilean a chomharrachadh. Am-bliadhna-sa bidh an fhèis mhòr a’ dol bhon 21mh dhan 28mh den Ògmhios, agus leanaidh tachartasan eile tron Iuchar mar phàirt de dh’Iomall Fèis Fiadh-Bheatha nan Eilean.
Tha buidhnean ’s gnìomhachasan ionadail agus muinntir an àite air am fiadhachadh gus na tachartasan aca airson fèis na bliadhna-sa a chlàradh. Faodaidh daoine aig a bheil ùidh ann a bhith a’ cur air dòigh tachartas clàradh air làrach-lìn na fèis: www.outerhebrideswildlifefestival.co.uk/host-an-event.
Bidh an fhèis a’ dol air feadh nan eilean, le diofar thachartasan a’ toirt chothroman do dhaoine eòlas a chur air sàr fhiadh-bheatha ’s ceanglaichean ùra a thogail rithe. Tha cuairtean-iùil, tursan mara, snorgaladh, safari surfaidh, bùthan-obrach sgrìobhaidh, trèanadh air suirbhidhean mhamalan, bùthan-obrach Gàidhlig, taisbeanaidhean ealain, bùthan-obrach air togail dhealbhan de bheathaichean, cuairtean airson ialtagan fhaicinn aig dol fodha na grèine, agus mòran a bharrachd am measg nan tachartasan a bh’ aig an fhèis sna bliadhnaichean mu dheireadh.
Tha an fhèis air a co-òrdanachadh le Gnèithean air an Oir, prògram glèidhteachais anns a bheil grunn bhuidhnean ag obair còmhla ri coimhearsnachdan air feadh na h-Alba airson aire a tharraing do ghnèithean tearca a tha fon chunnart as motha air a’ chladach ’s sna h-eileanan gus teachd-shaoghal nas fheàrr a ghlèidheadh dhaibh.
Thuirt Mairi Carrey, Co-òrdanaiche na Fèis: “Tha sinn air bhioran fàilte a chur air a h-uile duine gus pàirt a ghabhail ann am Fèis Fiadh-Bheatha nan Eilean am-bliadhna! Eadar cuairtean-iùil, bùthan-obrach beòthail agus cur-seachadan cruthachail, ’s e an t-amas againn gun cùm daoine cuimhne air na tachartasan ’s gum bi a h-uile duine air am brosnachadh gus cùram a ghabhail ris an àrainneachd.
Faodaidh duine sam bith anns na h-eileanan tachartas a chur air dòigh: daoine fa leth, buidhnean no gnìomhachasan. Bu mhiann leinn measgachadh de thachartasan – ma bhios e a’ comharrachadh nàdar, no a’ daingneachadh ar dàimh ris, tha àite ann dha!
Cuideachd tha daoine aig a bheil àite no ionad, an dà chuid a-staigh no air a’ bhlàr a-muigh, ’s a bhiodh deònach a chur gu feum mar phàirt den fhèis air am fiathachadh fios a chur thugainn. Bu fhìor thoil leinn ur cur còmhla ri cuideigin a tha airson tachartas a chur air dòigh. Faodaidh sibh ur cuid ùidh airson seo a chlàradh ann am foirm air an làraich-lìn againn.”
Tha Sam Gare na neach-ealain lèirsinneach a chuir air dòigh tachartas aig fèis na bliadhna an-uiridh. Aig fèis na bliadhna-sa, bidh Sam a’ taisbeanadh pròiseact ealain ùr a bhios a’ cuimhneachadh air na 55 mucan-mara ceannmhor a thàinig air tìr aig an aon àm ann an Tolastadh bho Thuath ann an 2023. Thuirt i: “Tha sinn air ar dòigh a bhith a’ taisbeanadh ‘Keening, Song of the Stranding’ mar phàirt de dh’Fhèis Fiadh-Bheatha nan Eilean. Tha e a’ faireachdainn air leth freagarrach a bhith a’ foillseachadh na h-obrach seo aig cùirm a chuireas luach air togail dhàimhean – ri nàdar, ri chèile, agus ris an eòlas cho-roinnte a th’ againn.”
’S e an ceann-latha airson tachartasan a chlàradh meadhan-oidhche air an 31mh den Mhàrt.



