Skip to main content

Tha eòin à clò-bhualadairean 3D a’ cur fàilte do steàrnanan imrich gu làraichean briodaidh ann an Alba

3D-printed terns produced to signal safe breeding sites to returning terns.Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean (OGE) sna h-Eileanan Siar agus RSPB Alba ag obair còmhla ’s a’ cruthachadh steàrnanan ann an clò-bhualadairean 3D a dh’innseas dhaibh càit a bheil làraichean briodaidh sàbhailte is iad a’ tilleadh dhan dùthaich.

A model little tern in sand on a beach
22 Ògmhios 2023

Mar phàirt de phrògram glèidhteachas spèiseasan ùr, tha Gnèithean air an Oir, Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean (OGE) sna h-Eileanan Siar agus RSPB Alba ag obair còmhla ’s a’ cruthachadh steàrnanan ann an clò-bhualadairean 3D a dh’innseas dhaibh càit a bheil làraichean briodaidh sàbhailte is iad a’ tilleadh dhan dùthaich.

Tha Gnèithean air an Oir na phrògram com-pàirteachais ùr-ghnàthach is dian-thograch eadar ochd carthannasan glèidhteachas nàdair, gach aon dhiubh an dealas teachd-shaoghal nas fheàrr a chruthachadh do 37 spèiseas prìomhachais a chithear air cladach is eileanan na h-Alba. Tha na buidhnean a leanas a’ gabhail pàirt sa chom-pàirteachas seo:

Le maoineachadh o Mhaoin-dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta, mairidh am prògram seo ceithir bliadhna gu leth agus nì e obair ann an seachd sgìrean ann an Alba: Sealtainn; Arcaibh, an Costa a Tuath; an Costa an Ear; Linne Shalmhaigh; na h-Eileanan A-Staigh is Earra-Ghàidheal; agus na h-Eileanan Siar.

Tha na h-ochd com-pàirtichean san iomairt Gnèithean air an Oir ag obair air naoi pròiseactan ath-shlànachadh spèiseasan còmhla. Tha aon dhe na pròiseactan seo air a bheil Ceàrnan don Steàrnan airson taic a chumail ri trì spèiseasan de steàrnanan, steàrnag an earbaill, an steàrnag-choitcheann agus an steàrnag-bheag is an àireamh aca a’ crìonadh. Nithear seo le bhith a’ dìon agus a’ leasachadh nan colonaidhean briodaidh aca ’s iad a’ neadachadh ann an ealtainnean mòra air tràighean is air a’ chladach a ghnàth.

Mar phàirt dhen iomairt seo, chaidh àitichean neadachaidh ùra do steàrnanan a chruthachadh le bhith a’ stiùireadh bhith-àrainnean gu soirbheachail. Ach ciamar a gheibh an steàrnan lorg air na h-àitichean neadachaidh ùra seo ’s iad a’ tilleadh a dh’Alba a bhriodadh?

Airson làmh-chuideachaidh a thoirt dha na steàrnanan, chaidh iad an comhair Roinn an Teicneolais aig OGE nan Eilean Siar airson steàrnagan an earbaill is steàrnagan-beaga mas-fhìor a chruthachadh ann an clò-bhualadairean 3D. Tha na h-eòin 3D mas-fhìor seo, ris an canar culaidhean-tàlaidh, de phlastaig geal agus chan fhaicear diofar eadar iad agus na h-eòin bheòtha. Turas a chaidh dathan a chur orra, thèid na culaidhean-tàlaidh seo a chur air an talamh sna bith-àrainnean ùra mar chomharra dha na steàrnanan a thilleas gur e àite tàimh is briodaidh sàbhailte a tha seo.

Thuirt Doug Rattray o OGE nan Eilean Siar: “Thug e tlachd mòr dhuinn obair a dhèanamh còmhla ris an RSPB air a’ phròiseact seo. ’S e deagh chothrom a bh’ ann dhan luchd-obrach san roinn einnseanaireachd ar sgilean a chur gu feum ann an deagh adhbhar. Leis na clò-bhualadairean 3D a th’ aig OGE nan Eilean Siar, is urrainn dhuinn proto-sheòrsachan a chruthachadh, saothrachadh bhaidsichean a dhèanamh agus mòlltairean is sigeachan is socrachain fheumail. Cha leig sinn a leas ach modail CAD leis an obraich sinn agus mur eil CAD agad, cuidichidh an sgioba againn thu fear a dhèanamh le bathar-bog Computer-Aided Design (CAD).”

Thuirt Fiona Strachan, manaidsear prògraim aig Gnèithean air an Oir: “Tha sinn fada an comain dha OGE nan Eilean Siar airson an taic a thug iad do dh’iomairt Gnèithean air an Oir le bhith a’ dèanamh nan culaidhean-tàlaidh seo. Tha an sgioba againn air a bhith trang a’ leasachadh bith-àrainnean nan steàrnanan ann an sgìrean a’ phròiseict againn agus tha cobhair sam bith a bheir sinn dhan an steàrnanan seo cho cudromach.”

Thèid culaidhean-tàlaidh nan steàrnanan a chleachdadh ann an grunn sgìrean aig iomairt Gnèithean air an Oir: Ìle agus Tiriodh ann an Earra-Ghàidheal agus sna h-Eileanan A-Staigh agus costa Chataibh an Ear.

Ionnsaich an tuilleadh fiosrachaidh air Gnèithean air an Oir agus lean Gnèithean air an Oir air Facebook (@SpeciesontheEdge) agus Twitter (@SpeciesEdge).   on Facebook (@SpeciesontheEdge) and Twitter (@SpeciesEdge).  

Related Posts

×

Join Our Mailing List!

Stay updated on the latest news and initiatives. Sign up for our mailing list.