Tha sinn air ar dòigh cinn-latha Fèis Fiadh-Bheatha Innse Gall 2025 fhoillseachadh! 21mh – 28mh Ògmhios, le Iomall na Fèise a’ dol fad an Iuchair. Airson barrachd fiosrachaidh mun fhèis, thoir sùil air Làrach-lìn Fèis Fiadh-Bheatha Innse Gall.
B’ e 2024 an treas bliadhna de dh’Fhèis Fiadh-bheatha Innse Gall, agus abair soirbheas a bh’ innte! Thug an fhèis coimhearsnachdan bho air feadh nan eilean na b’ fhaisge air nàdar tro phrògram a bha loma-làn de thachartasan saor an asgaidh a chòrd ris an teaghlach air fad ’s a h-uile duine a’ comharrachadh fiadh-bheatha shònraichte nan eilean. Fhuair daoine aig gach aois brosnachadh bho luchd saor-thoileach is buidhnean dealasach airson ar saoghal nàdarra a rùrachadh is ceangal a dhèanamh ris.
Cuid de na tachartasan a b’ fheàrr ann an 2024
- Cuairtean-iùil còmhla ris an RSPB a thug am follais farsaingeachd de ghnèithean eòin a tha rin lorg ann an Innse Gall.
- Cuairtean an tòir ialtagan, le Buidheann Ialtagan Innse Gall aig an stiùir ann an gàrradh a’ Chaisteil, a’ toirt sùil a-steach do shaoghal oidhcheach nan ialtagan. Dhaibh-san a bha airson tuilleadh ionnsachadh, bha bùth-obrach mu dheidhinn ialtagan na sgìre aig An Lanntair na dheagh thoiseach-tòiseachaidh air diofar ghnèithean de dh’ialtagan aithneachadh is a sgrùdadh cho math ri bhith a’ coimhead air àite na h-ialtaig san eag-shiostam ionadail.
- Cuairtean an t-Seillein-Mhòir san Taobh Tuath, air an ruith le luchd saor-thoileach bho Urras Glèidhteachas nan Seilleanan-Mòra, a’ coimhead air cho cudromach is a tha a’ mhachair do sheilleanan-mòra san Taobh Tuath, agus cothrom ann diofar ghnèithean aithneachadh.
- Bha mucan-mara dronnach is beathaichean mara eile fon phrosbaig aig measgachadh de thachartasan. Nam measg bha ‘shorewatches’, tachartasan iom-mheadhanach is òraidean le eòlaiche fiadh-bheatha Natalie Sinclair, neach-ealain Sam Gare, agus Urras Mhuc-mara nan Eilean.
- Fhuair teaghlaichean an cothrom glupannan is àrainnean a’ chladaich a rùrachadh air Safari a’ Chladaich le Oilthigh Ghlaschu, a’ toirt sùil air creutairean iongantach a tha a’ tighinn beò air a’ chladach.
- Cur-seachadan cruthachail aig An Lanntair mar phàirt de dh’Iomall na Fèise a thug tlachd is toileachas do theaghlaichean.
- Taisbeanaidhean ealain aig An Lanntair agus Cnoc Soilleir a shoillsich obair luchd-ealain na sgìre, a’ cur an cèill bòidhchead fiadh-bheatha is cruthan-tìre nan Eilean.
- Taisbeanadh dhealbhan cumhachdach – ‘Ar Cuantan’ – aig An Lanntair a shonraich guthan choimhearsnachdan a’ chladaich is cudromachd glèidhteachas na mara.
- Bùthan-obrach fiolm is dealbhan còmhla ri Eleanor Hamilton (Springwatch, Wild Isles le David Attenborough) a bhrosnaich an fheadhainn a thàinig dhan tachartas brìgh fiadh-bheatha nan eilean a ghlacadh dhaibh fhèin.
- Measgachadh de chur-seachadan air a’ bhlàr a-muigh a thug daoine na b’ fhaisge air àiteachan fiadhaich is fiadh-bheatha nan eilean: thabhainn SurfLewis cothroman surfaidh is padaigidh air leth; thug Immerse Hebrides’ Whale and Dolphin Tour toileachas mòr do dhaoine le seallaidhean air beathaichean mara; agus dh’ionnsaich daoine barrachd mu fhiadh-bheatha Innse Gall tro dhiofar thachartasan a stiùirich Maor-dùthcha Ceann a Tuath na Hearadh, cuairtean-iùil iolairean is cuairtean-coimhid air a’ chladach nam measg. Thug gach tachartas cothrom do dhaoine eòlas a chur air fiadh-bheatha dhaibh fhèin, a’ brosnachadh ionnsachadh, a’ togail cheanglaichean is a’ glèidheadh an cuimhne sàr bhith-iomadachd nan eilean.
A’ coimhead air adhart ri 2025
Comharraichibh cinn-latha Fèis Fiadh-bheatha Innse Gall 2025 anns na mìosachain agaibh. Bidh i a’ dol bho 21mh Ògmhios – 28mh Ògmhios agus Iomall na Fèise a’ ruith fad an Iuchair. Nach obraich sinn còmhla airson fiadh-bheatha is dualchas nàdarra nan eilean a chomharrachadh ann an dòighean a mhaireas fada nar cuimhne.
Ann an 2025, tha sinn airson na th’ ann de chothroman dha coimhearsnachdan a thighinn an sàs san fhèis a leudachadh, fàilte a chur air barrachd luchd saor-thoileach, agus barrachd chothroman airson ceangal a dhèanamh ri fiadh-bheatha nan Eilean a bhrosnachadh.
Anns a’ bhliadhna ùir bidh sinn a’ toirt cuireadh do bhuidhnean ionadail is luchd saor-thoileach an cuid bheachdan airson tachartasan na fèise ann an 2025 a chur a-steach thugainn. Eadar cuairtean-iùil, òraidean inntinneach, bùthan-obrach cruthachail, agus cur-seachadan togarrach eile, b’ fhìor thoil leinn ur beachdan a chluinntinn! Gabhaibh beachd air na dh’fhaodadh dhuibh a thabhann!
A bheil ionad no àite agaibh anns an gabhadh tachartas a chumail? Ma tha, leigibh fios agus nì sinn ar dìcheall ur maidseadh ri cuideigin a tha airson tachartas a chur air dòigh.
Tha barrachd fiosrachaidh mun fhèis air www.outerhebrideswildlifefestival.co.uk, no ma tha ceistean agaibh, cuiribh fios gu Màiri, Co-òrdanaiche na Fèise: mairi.carrey@bumblebeeconservation.org
Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri ur faicinn ann!