Skip to main content

Dreuchd Bhàn: Oifigear Pròiseict aig Gnèithean air an Oir, Earra-Ghàidheal agus na h-Eileanan A-Staigh

Tha sgioba Gnèithean air an Oir a’ sireadh Oifigear Pròiseict a bhios ag obair ann an Earra-Ghàidheal ’s sna h-Eileanan A-Staigh.

Two red-billed choughs

Read in English

Dreuchd: Oifigear Pròiseict – Gnèithean air an Oir – Earra-Ghàidheal agus na h-Eileanan A-Staigh (Ùine-Shuidhichte)

Fastaiche: RSPB

Àite: Loch Ghruinneart, Ìle

Tuarastal: £26379 – £28319 gach bliadhna

Cùmhnant: Làn-ùine, cùmhnant gu 31mh Dùbhlachd 2026

Ceann-latha iarrtasan: 23:59, Diardaoin 27mh Gearran 2025

Fiosrachadh farsaing

A bheil thu airson a bhith ri obair ghlèidhteachais ann an tè de na sgìrean as iongantaiche san Rìoghachd Aonaichte ’s tu a’ cuideachadh ri cuid de na gnèithean as teirce ann an Alba a dhìon?

Tha Gnèithean air an Oir na phròiseact glèidhteachais àrd-amasach a tha ag obair gus teachd-shaoghal nas fheàrr a chruthachadh do chòrr ’s 30 gnè a bhios a’ tighinn beò air cladach ’s eileanan na h-Alba. Tha an dreuchd seo a’ faighinn taic bho Mhaoin Dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta, agus ’s e obair làn-ùine a th’ ann, air cùmhnant a mhaireas gu 31mh Dùbhlachd 2026.

Cò ris a bhios an obair coltach?

Tha Gnèithean air an Oir a’ toirt ochd buidhnean àrainneachdail còmhla, le NàdarAlba nam measg, airson prògram obrach àrd-amasach, aonaichte a thoirt gu buil air feadh na h-Alba. Ann an com-pàirteachas, ’s sinne na prìomh bhuidhnean a tha ag obair air glèidhteachas ghnèithean agus tha fiosrachadh ’s eòlas farsaing againn, agus tha sinn air tighinn còmhla airson spionnadh a chur ris an obair air a bheil na gnèithean feumach. Tha sinn airson ’s gum bi coimhearsnachdan nan eilean ’s a’ chladaich air an neartachadh gus ceanglaichean a thogail ri chèile, ris na h-àiteachan fiadhaich aca ’s ris an fhiadh-bheatha shònraichte a bhios a’ tighinn beò annta.

Mar Oifigear Pròiseict ann an Earra-Ghàidheal ’s na h-Eileanan A-Staigh, bidh thu a’ toirt a’ phròiseict gu buil còmhla ri uachdarain-fearainn, saor-thoilich, com-pàirtichean ’s muinntir an àite airson iomadh gnè a dhìon. Bidh agad ri Plana Obrach Sgìreil a thoirt gu buil ann an com-pàirteachas ri buidhnean eile. Bidh thu a’ togail inbhe a’ phròiseict, an ceann conaltraidh ri daoine agus a’ co-òrdanachadh na h-obrach aig a’ phròiseact, a’ toirt obair stiùiridh gu buil air math iomadh prìomh gnè agus cuideachd a’ neartachadh choimhearsnachdan airson ceumannan a ghabhail dhaibh fhèin a dhìonas teachd-shaoghal nan gnèithean.

Am measg na h-obrach bidh sgrùdadh ghnèithean, stiùireadh bhith-àrainnean ’s obair chomhairleachaidh cho math ri fastadh ’s trèanadh saor-thoilich, cruthachadh stuthan mìneachaidh ’s cur air dòigh tachartasan. Bidh an neach a th’ anns an dreuchd an ceann na h-obrach do ghnèithean ainmeil leithid a’ chathag dhearg-chasach, an traon ’s an seillean-mòr buidhe. ’S e cothrom air leth a tha seo do dh’oifigear pròiseict a tha dealasach ’s a tha math air obair a dhèanamh air an ceann fhèin. Bhiodh tu ag obair còmhla ris an sgioba againn san sgìre agus bhiodh e na dheagh bhuannachd nam biodh eòlas agad airson obair ghlèidhteachais a thoirt gu buil ann an com-pàirteachas ri buidhnean ’s daoine eile.

Sgilean agus eòlas riatanach:
  • Sgilean stiùireadh pròiseict – ag obair còmhla ri sgiobaidhean pròiseict ’s luchd-uidhe; a’ toirt na h-obrach gu buil taobh a-staigh chosgaisean ’s ris an uair.
  • Comasach air obair a dhèanamh mar phàirt de sgioba pròiseict anns am bi diofar dhaoine an sàs.
  • Eòlas agad a ghabhas taisbeanadh air suirbhidhean a dhèanamh, bith-àrainnean a stiùireadh agus comhairle a thoirt do dh’uachdarain-fearainn. Comasach air buaidh a thoirt air beachdan diofar dhaoine.
  • Glè mhath air fuasglaidhean a lorg do thrioblaidean agus comasach air fuasglaidhean cruthachail a lorg.
  • Comasach air obair a dhèanamh nuair a bhios cudrom ort ’s na dòighean-obrach agad atharrachadh a rèir an t-suidheachaidh.
  • Comasach air tachartasan trèanaidh ’s bùthan-obrach a chur air dòigh agus còmhraidhean ’s coinneamhan a stiùireadh.
  • Eòlas agad air luchd-obrach ’s saor-thoilich a stiùireadh
  • Eòlas agad a ghabhas taisbeanadh a thaobh leasachadh ’s obrachadh ann an com-pàirteachasan airson builean co-roinnte a choileanadh
  • Comasach air IT a chleachdadh (m.e. Microsoft, Outlook m.s.a.a.) agus eòlas agad air GIS
  • Cead draibhidh slàn agad a ghabhas a chleachdadh san Rìoghachd Aonaichte no dòighean-siubhail eile a leigeadh leat siubhal gu sgìrean air nach bi seirbheisean còmhdhail poblach a’ frithealadh.
Sgilean is eòlas miannaichte:
  • Gu math eòlach air àrainneachd nàdarra nan Eilean A-Staigh agus na prìomh ghnèithean aig Gnèithean air an Oir – comasach air pròiseact agus gnìomhan conaltraidh a stiùireadh le earbsa.
  • Eòlas agad air obair a dhèanamh còmhla ri cùmhnantairean, coimhearsnachdan agus saor-thoilich.
  • Tuigse agad air reachdas a bheir dìon dha gnèithean agus sgìrean.
  • Eòlas agad air sgeamaichean stiùireadh fearainn, gu sònraichte Sgeama AEC.
  • Eòlas agad air planaichean stiùiridh air glèidhteachas nàdair a dhealbhadh.
  • Eòlas agad air stuthan sgrìobhaidh, cuairt-litrichean is conaltradh co-cheangailte ri pròiseact a chruthachadh.
  • Sgilean Gàidhlig

Mar phàirt den phròiseas iarrtais thèid iarraidh ort leth-bhreac den chunntas-bheatha agad a chur a-steach agus foirm iarrtais a lìonadh le fiosrachadh air na sgilean ’s eòlas a th’ agad a rèir na liosta gu h-àrd.

Cliog air a’ phutan gu h-ìosal airson barrachd fiosrachaidh agus airson iarrtas a chur a-steach.

Prògram Gnèithean air an Oir

Tha Gnèithean air an Oir na phrògram com-pàirteachais ùr-nòsach eadar NàdarAlba agus seachd buidhnean-carthannais glèidhteachas an nàdair, is iad uile a’ cur romhpa teachd-shaoghal nas fheàrr a chruthachadh do 37 prìomh ghnèithean air cladach is eileanan na h-Alba.  Le maoineachadh bho Mhaoin Dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta, tha sinn ag obair fad ceithir bliadhna gu leth airson aghaidh a thoirt air a’ bhuaidh a bheir atharrachaidhean àrainneachdail air an fhiadh-bheatha, an dà chuid airson math an nàdair is nan daoine.Tha Glèidhteachas nam Muir-thìreach is nan Snàigeach, Urras Glèidhteachas nan Ialtagan, Buglife, Urras Glèidhteachas nan Seilleanan-mòra, Glèidhteachas nan Dealan-dè, NàdarAlba, Plantlife, agus RSPB na h-Alba anns a’ chom-pàirteachas.

Related Posts

×

Join Our Mailing List!

Stay updated on the latest news and initiatives. Sign up for our mailing list.