Skip to main content

Cuir uisge ris: uisge trom ag ath-bheòthachadh beathach àrsaidh air Costa Shalmhaigh

Tha an t-sìde fhluich o chionn ghoirid air badan ùr den Charrachan-Sgèithe (Tadpole Shrimp) a thoirt beò aig RSPB Mhersehead ann an Dùn Phris, an treas badan dhiubh san Rìoghachd Aontaichte.

Tadpole Shrimp

Read in English

Tha an t-sìde fhluich o chionn ghoirid air badan ùr den Charrachan-Sgèithe (Tadpole Shrimp) a thoirt beò aig RSPB Mhersehead ann an Dùn Phris, an treas badan dhiubh san Rìoghachd Aontaichte. ’S e beathach tearc is àrsaidh a th’ ann is e am measg nam beathaichean as sine san t-saoghal.

Anns na deicheadan mu dheireadh, cha robh an Carrachan-Sgèithe beò ach ann an dà àite san Rìoghachd Aonaichte: a’ Choille Ùr ann am Hampshire agus làrach Urras na Fiadh-eunlaith is Talmhainn Fliche aig Cair Labharaig air Costa Shalmhaigh ann an Alba. Bha feadhainn dhiubh beò aig Mersehead air Costa Shalmhaigh, ach thathar a’ smaoineachadh gun deach an fheadhainn ud à bith sna 1960an an cois bleith a’ chladaich.

Tro phrògram glèidhteachais do bheathaichean a tha an cunnart a dhol à bith, tha Gnèithean air an Oir agus carthannasan fiadh-bheatha Buglife, RSPB is Urras na Fiadh-eunlaith is Talmhainn Fliche air a bhith ag obair còmhla ri eag-eòlaiche ionadail, Larry Griffin bho ECO-LG airson an Carrachan-Sgèithe a thilleadh dhan àite anns an robh e cheana aig Tèarmann Nàdair an RSPB ann am Mersehead. As t-samhradh 2024 is 2025, chaidh uighean a’ Charrachain-Sgèithe a chur ann an grunn àiteachan aig an làraich le dòchas gun stèidhicheadh am badan às ùire de Charrachanan-Sgèithe anns an Rìoghachd Aonaichte.

Feumaidh na h-uighean uisge às ùr mus nochd na carrachanan asta agus tha an t-sìde fhluich air Costa Shalmhaigh o chionn ghoirid air leigeil leotha tighinn a-mach às na h-uighean, le dà Charrachan-Sgèithe inbheach air am faicinn aig an làraich an t-seachdain-sa airson a’ chiad turas bho 1948.  

Thuirt Craig Macadam, Stiùiriche Glèidhteachais aig Buglife: “Tha còrr is 60 bliadhna ann on a chailleadh an Carrachan-Sgèithe bhon a’ phàirt seo den chosta an cois bleith a’ chladaich. Tha bliadhnaichean mòra de shuirbhidhean, rannsachadh is ullachadh, le tòrr bhuidhnean is dhaoine an sàs ann, air am beathach seo a thilleadh a Mhersehead. Tha an obair seo a’ cur ri glèidheadh a’ bheathaich seo ann an Alba san àm ri teachd, agus tha slighe romhainn a-nis airson sgaoileadh a’ Charrachain-Sgèithe a leudachadh is a thilleadh dha na h-àiteachan far am b’ àbhaist dha a bhith san Rìoghachd Aonaichte.”

Thuirt Nick Halfhide, Àrd-Oifigear NàdarAlba, prìomh chom-pàirtiche Ghnèithean air an Oir: “Tha an soirbheas seo na dheagh eisimpleir dhe mar a tha daoine ag obair còmhla gach latha airson nàdar na h-Alba a leigheas is luach a chur ann. ’S e Gnèithean air an Oir aon dhe na pròiseactan glèidhteachais as àrd-amasaiche san dùthaich gu ruige seo agus tha e mìorbhaileach fhaicinn gun urrainn dhuinn gnèithean ath-shlànachadh ann an Alba is sinn ag obair còmhla.”

Soirbheas iongantach a’ Charrachain-Sgèithe

Tha an Carrachan-Sgèithe càirdeach do dh’fhear de na beathaichean as sine san t-saoghal – gnè aig a bheil fosailean a’ dol air ais 220 millean bliadhna. Mhair a’ ghnè seo beò cho fada, fiù tro linntean-deighe, leis cho ealanta is a tha an dòigh-bheatha aice.

Tha an Carrachan-Sgèithe air fàs cleachdte ri tighinn beò ann an droch àrainneachdan. Tha iad a’ fuireach ann an glumagan ràitheil a thèachdas as t-samhradh. ’S dòcha nach mair cuid dhe na glumagan seo ach beagan sheachdainean mus tèachd iad agus aig amannan, bidh e bliadhnaichean no fiù deicheadan mus till an t-uisge. Nuair a thèachdas na glumagan, bàsaichidh creutairean a dh’itheas an carrachan-sgèithe no a bhios ann an co-fharpais leis.

Fàsaidh an Carrachan-Sgèithe air leth luath, agus cha bhi iad ach dà no trì seachdainean eadar ugh is inbheach. Tha seo a’ ciallachadh gun tig iad às na h-uighean aca is gum beir iad sìol an ath-ghinealaich mus tèachd a’ ghlumag an ceann beagan sheachdainean.

Ach dè thachras ris na h-uighean is a’ ghlumag a’ tèachdadh? Nuair a laigheas an Carrachan-Sgèithe uighean, thig àl à cuid dhiubh, ach nì an còrr dhiubh rud air a bheil diapause – tha sin a’ ciallachadh gun tèachd na h-uighean seo buileach is nach dèan iad fàs sam bith. Tha uighean a’ Charrachain-Sgèithe ann an diapause gu math buan is mairidh iad beò suas ri 27 bliadhna, rud a tha do-chreidsinneach. Seasaidh na h-uighean seo teas is fuachd mòr, bàthadh ann an sàl, agus fiù ma dh’itheas beathach eile iad, thèid iad tron bheathach beò gun chron. Nuair a thilleas an t-uisge is nuair a bhios àrainneachd iomchaidh ann, thig crìoch air an diapause, agus thig àl an ath-ghinealaich às na h-uighean.

A’ cumail taic ri Carrachanan-Sgèithe na h-Alba

Ged a tha an Carrachan-Sgèithe gu math tapaidh mar ghnè, chan fhaighear iad ann an mòran àiteachan idir agus mar sin tha cunnart ann gun tèid iad à bith. An cois rudan mar èirigh ìre na mara, truailleadh uisge agus drèanadh an fhearainn, tha am brùthadh air a’ ghnè seo air sìor-fhàs. Tro Ghnèithean air an Oir, tha Buglife, Urras na Fiadh-eunlaith is Talmhainn Fliche is RSPB air a bhith a’ feuchainn ris a’ chrìonadh seo a thionndadh.

Bho 2023 gu 2024, tha an t-eag-eòlaiche ionadail Larry Griffin air Carrachanan-Sgèithe àrach, a’ cleachdadh sìol a chruinnich e san àite mu dheireadh far a bheil iad beò ann an Alba aig làrach Urras na Fiadh-eunlaith is Talmhainn Fliche aig Cair Labharaig. Mhair 14 dhiubh beò is dh’fhàs iad nan inbheach agus laigh iad uighean iad fhèin sna tancaichean san robh iad. Chaidh an t-eabar a bha am broinn nan tancaichean, leis na h-uighean, a thoirt a-mach is a thioramachadh.

As t-samhradh 2024 is 2025, chaidh eabar tioram anns an robh barrachd air 20,000 ugh a sgaoileadh air ùir lom ann an glumagan ràitheil, a bha tioram aig an àm sin, air tèarmann an RSPB ann am Mersehead air Costa Shalmhaigh. Tha na glumagan seo air talamh-feòir air cùl nam bacannan, nas fhaide air ais o thiùrr an làin na na seann ghlumagan san robh na carrachanan-sgèithe mus deach iad à bith sna 1960an.

Bhon uair sin tha na glumagan air a bhith fliuch is tioram grunn tursan, ach as t-fhoghar-sa rugadh na carrachanan-sgèithe, còrr is bliadhna bhon a thill iad an toiseach a Mhersehead.

Tadpole Shrimp
Charrachan-Sgèithe (c) Craig Macadam
Tadpole shrimp
Charrachan-Sgèithe (c) Neil Philips

Related Posts

×

Join Our Mailing List!

Stay updated on the latest news and initiatives. Sign up for our mailing list.