
Tha am prògram againn a-nis airson Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean as t-samhradh, le 80 tachartasan leis a’ choimhearsnachd a chomharraicheas fiadh-bheatha, tìr is dualchas cultarach nan Eilean Siar.
Bidh prìomh sheachdain na Fèise eadar an 20mh is 27mh dhen Ògmhios ach cumaidh Iomall na Fèise a’ dol gu deireadh an Iuchair.
Tha prògram na bliadhna deas ri làimh a-nis agus loma-làn de thachartasan – an-asgaidh ’s air airgead – air feadh nan eilean. Tha iad a’ gabhail a-staigh na leanas: taisbeanaidhean ealain; sgioblachadh thràighean leis a’ choimhearsnachd; tursan bàta; seiseanan bàrdachd, ciùil is sgeulachdan; taisbeanadh fhilmichean; bùthan-obrach aithneachadh is suirbhidhean fiadh-bheatha; sgrìoban ialtagan air an fheasgar; sgrìoban nàdair le treòir ann an Gàidhlig is Beurla; clasaichean yoga a-muigh; taisbeanaidhean eachdraidh is cultair; bùthan-obrach ealain is làmh-cheàrdan; cèilidhean is fiù seisean blasadh sineubhair (le cudrom air na biastagan a ghiùlaineas am poilean oir cha bhiodh na luibhean ud againn às an aonais)!
’S e am prògram glèidhteachais Gnèithean air an Oir a tha a’ stiùireadh na fèise agus air a maoineachadh le Maoin-dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta ann an co-obrachadh le buidhnean coimhearsnachd ionadail, gnìomhachasan is carthannasan glèidhteachais. Tha an fhèis airson cothrom a thoirt do mhuinntir an àite agus aoighean fiadh-bheatha, tìr is dualchas cultarach nan eilean seo a rùrachadh agus a dhol an sàs ann air dòigh ùr is spòrsail a bhuineas dhan àite fhèin.
Thuirt Sharon Nic a’ Phearsain, Co-òrdanaiche na Fèise: “Tha e cho math gu bheil uiread a dhaoine a’ cur air chois tachartasan am bliadhna aig Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean. Gun teagamh sam bith bidh fèis air leth againn a chomharraicheas fiadh-bheatha is bòidhchead nàdarra nan eilean agus tha sin gar fàgail air bhioran.
Eadar eòin-mhara agus beathaichean na mara, bhith-àrainnean na machrach is a’ chladaich, bidh cothroman air leth aig fèis na bliadhna-sa a sheallas do dhaoine dè cho sònraichte ’s a tha nàdar nan Eilean Siar. Tha sinn a’ dèanamh fiughair ris a h-uile duine a tha a’ fuireach an seo no a’ dol a thadhal air an fhèis mhìorbhaileach seo a chomharraicheas nàdar air feadh nan Eilean Siar!”
Thuirt Moira NicDhòmhnaill on Lanntair: “Aig an Lanntair, tha sinn a’ dèanamh fiughair ri Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean is sinne a’ gabhail pàirt a-rithist ann an 2026. Sna beagan bhliadhnaichean seo chaidh, chùm sinn bùthan-obrach ealain dhan chlann mun t-seillean-mhòr bhuidhe, ialtagan is eòin-mhara – cuid dhe na beathaichean as annasaiche a chomharraicheas an fhèis seo. Agus as t-samhradh bidh bùthan-obrach againn mu leòmainn is dealanan-dè – inneal brosnachail airson foghlam gluasaid, ciùil agus ealain lèirsinneach. Tha Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean a’ toirt cruinn àireamh cho mòr de thachartasan nàdair a tha fosgailte dhan a h-uile duine agus tha sinn a’ dèanamh fiughair ri prògram na bliadhna-sa.” Faic am prògram slàn aig Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean air làrach-lìn na fèise: www.outerhebrideswildlifefestival.co.uk




