Skip to main content

Seachdain na Gàidhlig 2024

Tha Seachdain na Gàidhlig oirnn a-nis, le iomairtean coimhearsnachd, pròiseactan ’s tachartasan a’ dol air feadh na dùthcha bho 19 gu 25 Gearran a chomharrachadh a’ chànain.

Robyn Ireland, Oifigear Gàidhlig aig NàdarAlba

Read in English

A dunlin in breeding plummage - a small bird with a speckled brown back, a white front with brown speckles and a dark underside. It has a medium-long thin beak.
Gille-feadaig (c) Lorne Gill

Tha Seachdain na Gàidhlig oirnn a-nis, le iomairtean coimhearsnachd, pròiseactan ’s tachartasan a’ dol air feadh na dùthcha bho 19 gu 25 Gearran a chomharrachadh a’ chànain.

Tha beairteas de dh’ainmean grinn aig a’ Ghàidhlig air lusan, beathaichean ’s cruthan-tìre na h-Alba, agus tha sàr stòras de sgeulachdan, òrain ’s cleachdaidhean ann an dualchas nan Gàidhlig co-cheangailte ri ar n-àrainneachd nàdarra. Le tuigse ’s spèis airson an eòlais seo, a th’ air tighinn a-nuas bho ghlùin gu glùin bho àm nuair a bhiodh dàimh na b’ fhaisge aig daoine ris an àrainneachd, gabhaidh ar n-eòlas fhèin air nàdar na h-Alba a bheartachadh ’s an dàimh ris a dhaingneachadh.

Aig Gnèithean air an Oir, tha dealas againn dhan a’ Ghàidhlig a chleachdadh ’s adhartachadh. Thuige seo tha sinn air seo a chur an gnìomh le brathan-naidheachd dà-chànanach, agallamhan sa Ghàidhlig leis na meadhanan, tachartasan Gàidhlig ’s dòighean conaltraidh le luchd-labhairt na Gàidhlig. Tha sinn air ar dòigh an gealltanas seo a neartachadh tuilleadh tro Sheachdain na Gàidhlig aig Fèisean nan Eun ann an Ìle. Air 21 – 22 Gearran bidh sinn a’ ruith sreath thachartasan còmhla ri RSPB na h-Alba agus Ionad Chaluim Chille Ìle, a’ comharrachadh dualchas nàdarra Ìle ’s dàimhean ri cultar ’s cànan an àite. Thoir sùil air an làraich-lìn aca airson an tuilleadh fiosrachaidh mun fhèis. Dhan fheadhainn aig nach bi cothrom pàirt a ghabhail sna tachartasan ann an Ìle, bidh sinn a’ sònrachadh na Gàidhlig air na meadhanan sòisealta ’s bloga againn rè na seachdain sònraichte seo.

Mar phàirt de phrògram Gnèithean air an Oir tha 37 prìomh ghnèithean againn – ’s iad uile fo chunnart air cladach ’s eileanan na h-Alba. ’S mathaid gum bi fios agad air ainmean Beurla nan gnèithean seo, ach dè an t-eòlas a th’ agad air an ainmean Gàidhlig? Thoireamaid sùil:

Gille-feadaig, dunlin

A dunlin in breeding plummage in a grassy field - a small bird with a speckled brown back, a white front with brown speckles and a dark underside. It has a medium-long thin beak.
Gille-feadaig air a’ mhachair ann an Uibhist (c) Lorne Gill

Tha ainm Gàidhlig cumanta an eòin seo, gille-feadaig, ag innse dhuinn mun chleachdadh aige airson an fheadag a leantainn. Thathar an dùil gum bi an gille-feadaig ga dhìon le gairm na feadaige. Cluinnear na h-ainmean pollaran ’s tàrmachan-tràghad airson an eòin cuideachd.

Tiodhlac na mara, oysterplant

Oysterplant on sand - a plant with waxy, spade shaped leaves and blue and purple flowers.
Tiodhlac na mara (c) Rachael Cooper-Bohannon

Bidh tiodhlac na mara a’ fàs air mol agus tha blas a dhuilleagan a’ toirt dha an t-ainm cumanta aige sa chànan eile, ‘oysterplant’. 

Riabhag mhonaidh, twite

Twite perched on a log. Twite is a small warm-brown-coloured bird which a short beak.
Riabhag mhonaidh (c) Lorne Gill

’S e riabhag mhonaidh fear de na h-ainmean Gàidhlig air an eun bheag seo agus abair gur e samhla freagarrach a th’ ann. A rèir beul-aithris ma chì thu riabhag mhonaidh a’ ceilearachd air taobh taighe, air craobh no air balla tha e coltach gu bheil sìde fhuar a’ tighinn.

Curracag, lapwing

Lapwing standing on a rock amongst grass. Lapwings are a small bird with a white front and iridescent wings. They have red legs and a black quiff on their head.
Curracag (c) Ben Andrew

 ’S mathaid gum bi fios aig cuid againn gu bheil an t-ainm ‘lapwing’ na chomharra air stoidhle iteil an eòin agus gu bheil an t-ainm eile aige sa Bheurla, ‘peewit’, a’ tighinn bho a chuid gairme. ’S e curracag aon de na h-ainmean Gàidhlig air an fheadaig seo. ’S ann bhon fhacal ‘curraicean’ a thàinig e ’s itean air cùl a cinn coltach ris a’ cheann-aodach a chuireadh boireannaich orra o shean.

Tha sinn an dòchas gu bheil am bloga seo air ur brosnachadh gu tuilleadh ionnsachadh mun chànan. Thoir sùil air an liosta fhada de thachartasan a tha a’ dol air feadh na dùthcha ’s air loidhne rè Seachdain na Gàidhlig!

Related Posts

×

Join Our Mailing List!

Stay updated on the latest news and initiatives. Sign up for our mailing list.