Le Lucy Atkinson, Oifigear Pròiseict ann an Earra-Ghàidheal ‘s sna h-Eileanan A-staigh
Aig deireadh a’ Ghearrain ’s ann an dìle bhàite, bha tional ga chur air a chasan airson eòin ’s Gàidhlig Ìle a chomharrachadh! Chumadh Fèis Eunlaith Geamhraidh Eilean Ìle mar phàirt de Sheachdain na Gàidhlig, a chuireas roimhpe inbhe a’ chànain adhartachadh. Chomharraich an fhèis sàr fhiadh-bheatha Ìle agus na ceanglaichean aice ris a’ Ghàidhlig.
Thairis air trì làithean na fèise, bha deagh chothroman againn coimhead air eòin agus fàilte a chur air daoine gu Ionad Chaluim Chille Ìle. Chaidh an fhèis a chumail ann an com-pàirteachas ri RSPB na h-Alba, Gnèithean air an Oir agus Urras Breatannach an Eun-eòlais (BTO).
Tha Ionad Chaluim Chille Ìle aig ceann Loch na Dàile agus chan fhaighear àite nas fheàrr airson coimhead air eòin. Bidh tòrr diofar ghnèithean de dh’eòin air an tàladh ann, nam measg a’ ghuilbnich, an adharcain agus a’ ghille-bhrìghde. Chithear an cathan agus an gèadh-bhlàr tro mhìosan a’ gheamhraidh cuideachd.
’S e àite air leth freagarrach a bh’ ann dha bùithean-obrach BTO air aithneachadh eun, gu sònraichte na h-eòin-ghrunnachaidh air an loch. Bha measgachadh de dh’ìrean comais aig na daoine a thàinig dha na seiseanan ’s iad uile airson an cuid sgilean a thoirt am feabhas. Bha feadhainn aca air tighinn às an Aghaidh Mhòir airson an t-eòlas aca a leudachadh! Bha sìde gheamhradail na h-Alba ann leis an làn àrd, a’ ghaoth làidir agus uisge trom bho àm gu àm! A dh’aindeoin seo, bha deagh fhortan aig a’ bhuidhinn agus chunnaic iad muir-bhuachaillean, gobhlachanan òr-chluasach, tunnagan-dubha, gràilleagan, luatharanan-gainmhich agus gillean-feadaig.
Fo chabar a-staigh, fhuair sgoilearan sealladh eile air an fhiadh-bheatha againn ’s iad a’ cnuasachadh sgeulachdan ’s ainmean Gàidhealach dha eòin a chithear gu tric air cladaichean na h-Alba. Dh’innse Shona NicIlleFhinnein, a tha na h-Oifigear Conaltraidh Coimhearsnachd leis an RSBP ’s na neach-labhairt Gàidhlig, ainmean Gàidhlig cumanta nan eun dhan chloinn, agus thug luchd-obrach Ionad Chaluim Chille Ìle ainmean ionadail an eilein seachad cuideachd. Tha Gàidhlig Ìle nas coltaiche ri Gaeilge ri linn cho faisg ’s a tha an dà eilean ri chèile agus nan ceanglaichean malairt a bhiodh eadarra gu h-eachdraidheil. Tha seo a’ fàgail gu bheil cuid a dh’ainmean eadar-dhealaichte ann an Ìle an taca ri sgìrean eile de dh’Alba.
Bidh ainmean Gàidhlig ag innse dhuinn mu choltas ’s caractar eòin agus gu tric bidh beartas seanchais annta cuideachd. Tha am maor-cladaich, eun a chithear gu tric ann an Ìle, na dheagh eisimpleir air seo!
Fhuair bun-sgoilearan Gàidhlig an cothrom an cuid sgilean aithneachaidh is cànain adhartachadh agus rinn iad dealbhan de na h-eòin a b’ fheàrr leotha fo stiùir an neach-ealain ionadail Fraoch Dewar. O chionn ghoirid bha a’ chlann air pàirt a ghabhail sa Big School Birdwatch leis an RSPB agus thadhail iad air teàrmann Loch Gruinneart a dh’fhaicinn nan eun. Rinn iad dealbhan de dh’iomadh eun, le gocanan-gorma ’s brùthan-dearga am measg na feadhainn a b’ fheàrr a chòrd ris a’ chloinn! Stiùirich Fraoch bùth-obrach ealain dha inbhich cuideachd agus chruthaicheadh dealbhan de dh’eòin ionmholta an eilein le dh’uisge-dhathach is crèidheanan, agus chaidh an obair ealanta a thaisbeanadh gu phoblach aig an Ionad.