Tiotal na h-obrach: Neach-trèanaidh clàraidh bhith-eòlaich
Fo stiùireadh: Manaidsear Glèidhteachais ann an Alba aig Glèidhteachas nan Dealan-dè
Càite: Aig an taigh ann an Earra-Ghàidheal a Tuath no Meadhan Earra-Ghàidheal, le siubhal riatanach air feadh raon a’ phròiseict.
Tuarastal: £23,088 lom gach bliadhna (ag èirigh gu £24,242 on 1ad dhen Ghiblean 2025) agus 8% co-thabhartas fastaiche dhan pheinnsean
Uairean: Làn-ùine, 37 uair a thìde gach seachdain
Cùmhnant: Dreuchd le cùmhnant ùine-shuidhichte, 12 mhìos
Tha greis-thrèanaidh thogarrach fad 12 mhìos ri fhaighinn aig Glèidhteachas nan Dealan-dè ann an Earra-Ghàidheal is sna h-Eileanan A-Staigh mar phàirt dhen phrògram Gnèithean air an Oir. ’S e ionnsachadh mu chlàradh bith-eòlach dhealan-dè is leòmann a bhios aig cridhe an dreuchd seo ach bidh cothroman ann cuideachd obair a dhèanamh le gnèithean eile sa phrògram.
’S e dreuchd aig an ìre-thòiseachaidh a th’ ann agus bidh cothroman trèanaidh is leasachaidh na lùib airson prìomh sgilean is eòlas a leasachadh rè an fhastaidh a bheir comas dhut cur a-steach airson obair cho-cheangailte aig deireadh a’ chùmhnaint. Chan eil feum air ro-sgilean no ro-eòlas ann an glèidhteachas. Ma tha thu dìorrasach mu ghlèidhteachas nàdair, deònach rudan ùra ionnsachadh agus ùidh agad ann an dealain-dhè agus leòmainn, dh’fhaoidte gum bi an dreuchd seo math dhutsa!
Anns a’ ghreis-thrèanaidh, ionnsaichidh tu sgilean suirbhidheachd is marasgladh dhealan-dè agus leòmann, fàsaidh tu eòlach air pailteas de sgilean mar chom-pàirteachas shaor-thoileach, stiùireadh dàta is ath-shlànachadh bhith-àrainnean agus gheibh thu cothroman luchd-obrach eile a dhlùth-leantainn agus falbh air cùrsaichean trèanaidh. Bidh thu ag obair gu dlùth còmhla ri oifigearan Gnèithean air an Oir ann an Earra-Ghàidheal agus le luchd-obrach glèidhteachais eile aig Glèidhteachas nan Dealan-dè air feadh na h-Alba.
Ged is e obair on taigh a tha seo, bidh agad ri siubhal ann an Alba ma bhios feum air. Bu chòir dhut a bhith slàn fallain gu leòr agus toilichte a bhith a-muigh, fiù anns an aimsir a bhios againn ann an Alba as t-samhradh a ghnàth!
Feumaidh tu a bhith math air thu fhèin a bhrosnachadh gu obair, air deagh rian a chumail air cùisean agus air obair a dhèanamh leat fhèin, mar phàirt de sgioba biortail agus deiseil is deònach taic a chumail ri co-obraichean eile ann an Alba ma bhios feum air seo. Ged nach eil comasan Gàidhlig riatanach, bhiodh e na bhuannachd mar sgil a rèir poileasaidh Gnèithean air an Oir a thaobh taic dhan Ghàidhlig.
Tha Gnèithean air an Oir na phrògram com-pàirteachais ùr-ghnàthach, air a mhaoineachadh le Maoin-dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta, eadar NàdarAlba agus seachd carthannasan glèidhteachas nàdair, gach aon dhiubh an dealas teachd-shaoghal nas fheàrr a chruthachadh do 37 gnèithean prìomhachais a chithear air cladach is eileanan na h-Alba.
Tha Glèidhteachas nan Dealan-dè na fhastaiche chothroman co-ionann agus a’ cur fàilte air daoine o raointean, cultaran is ìrean eòlais cho farsaing ’s a ghabhas. Tha sinn an dealas do chultar taiceil is ion-ghabhalach a bhrosnachadh. Ma tha iarrtas sònraichte reusanta agad a chuidicheadh tu leis an tagradh no pròiseas fastaidh agad, innis dhuinn.
Feumaidh cead-obrach a bhith aig tagraichean is feumaidh iad a bhith a’ fuireach san RA.
Tha còir againn an sanas dreuchd seo a dhùnadh ron latha agus àm a tha san t-sanasachd fhoillsichte.
Chan eil fàilte ro thagraidhean le buidhnean-gnìomha
Ceann-là airson tagraidhean: Didòmhnaich 15mh dhen Dùbhlachd aig meadhan-oidhche
Cumaidh sinn agallamhan: air an t-seachdain a’ tòiseachadh 6mh dhen Fhaoilleach 2025, le agallamhan na dàrna ìre on 13mh dhen Fhaoilleach 2025