Dreuchd: Co-òrdanaiche Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean (Gnèithean air an Oir)
Fastaiche: Urras Glèidhteachas nan Seilleanan-mòra
Àite: Innse Gall
Tuarastal: £24,200 FTE (£14,520 pro rata) sa bhliadhna
’S e meadhan-latha Diluain 28mh dhen Ghiblean 2025 an ceann-ama
Tha Urras Glèidhteachas nan Seilleanan-mòra (an t-Urras) a’ sireadh co-òrdanaiche pàirt-ùine airson Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean (Gnèithean air an Oir). Seo cothrom air leth do chuideigin sgairteil rianail a tha airson obair a dhèanamh còmhla rinn sna h-Eileanan. Bidh an neach san dreuchd seo aig ceann co-òrdanachadh Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean, a’ stiùireadh logastachd is a’ planadh tachartasan a chuireas daoine agus buidhnean air chois gu h-ionadail sna h-Eileanan. Cumaidh iad taic ris a’ phrìomh Mhanaidsear Chonaltraidh aig NàdarAlba cuideachd ann a bhith a’ brosnachadh is a’ sanasachd na fèise.
Tha Gnèithean air an Oir na phrògram com-pàirteachais ùr-ghnàthach eadar NàdarAlba agus seachd carthannasan glèidhteachas nàdair, gach aon dhiubh an dealas teachd-shaoghal nas fheàrr a chruthachadh do 37 gnèithean prìomhachais a chithear air cladach is eileanan na h-Alba.
Tha Gnèithean air an Oir air a mhaoineachadh le Maoin-dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta agus mairidh am prògram ceithir bliadhna gu leth, a’ cur aghaidh air buaidh atharrachadh na h-àrainneachd air fiadh-bheatha, a-chùm leas nàdair is dhaoine. Tha Glèidhteachas nam Muir-thìreach is nan Snàigeach, Urras Glèidhteachas nan Ialtagan, Buglife, Urras Glèidhteachas nan Seilleanan-mòra, Glèidhteachas nan Dealan-dè, NàdarAlba, Plantlife agus RSPB na h-Alba a’ gabhail pàirt sa chom-pàirteachas seo.
Bu chòir dhut a bhith air leth math air planadh is rian a chumail air cùisean is daoine eile agus am brosnachadh gu obair. Bhiodh e math nam b’ urrainn dhut fianais a thoirt dhuinn gu
bheil ùidh agad ann an nàdar agus gun urrainn dhut a dhol an ceann raon farsaing de luchd-ùidhe. ’S e obair on taigh a bhios ann agus bhiodh agad ri siubhal a dhèanamh air feadh nan eilean o àm gu àm. Ged nach eil Gàidhlig riatanach san dreuchd seo, bhiodh e math nam biodh Gàidhlig agad.
Airson barrachd fiosrachaidh, thoir sùil air tuairisgeul an dreuchd is an neach a tha a dhìth oirnn.
Seo dreuchd pàirt ùine, 21 uair a thìde san t-seachdain (3 làithean). Dh’fhaoidte gum bi feum air seach-thìm an-dràsta ’s a-rithist agus tha rian uairean-obrach sùbailte an sàs.
’S e cùmhnant fad ùine shocraichte a th’ ann, 14 mìosan de dh’obair on taigh stèidhichte sna h-Eileanan Siar.
Tha an t-urras na fhastaiche co-ionannachd chothroman. ’S ciall dha seo gun dèan sinn cinnteach, fhad ’s a bhios sinn a’ sireadh neach-cosnaidh no a’ fastadh neach-cosnaidh aig an urra, gun dèilig sinn ris a h-uile duine air an aon dòigh ge be dè a’ ghnè, cinneadh, aois, ciorram, creideamh no aidmheil cleamhnais aca no a bheil iad pòsta no ann an com-pàirteachas sìobhalta, leatromach, air an gnè atharrachadh no ge be dè an ìre de mhàthaireachd aig a bheil iad.
Tha amas soilleir aig an Urras: a bhith na àite far an tig measgachadh de dhaoine tàlantach cruinn is far am fan iad airson brod an obrach a dhèanamh. Tha e na adhbhar pròise dhuinn gun deach againn air seo a dhèanamh leis an obair chruaidh dhealasach a rinn an luchd-cosnaidh dìorrasach is cruthachail againn.
Airson bruidhinn gu neo-fhoirmeil mun dreuchd no ma tha thu airson iarraidh oirnn am pròiseas fastaidh a chur air gleus dhut, cuir fios gu recruitment@bumblebeeconservation.org
’S e meadhan-latha Diluain 28mh dhen Ghiblean 2025 an ceann-ama. Dh’fhaoidte gun tèid an tagradh seo a dhùnadh ron cheann-ama ’s ma tha ùidh agad ann, cuir tagradh gun dàil.
Thèid na h-agallamhan a chumail Diciadain 7mh is Diardaoin 8mh dhen Chèitean 2025. ’S e agallamhan air loidhne a bhios annta.
Prògram Gnèithean air an Oir
Tha Gnèithean air an Oir na phrògram com-pàirteachais ùr-nòsach eadar NàdarAlba agus seachd buidhnean-carthannais glèidhteachas an nàdair, is iad uile a’ cur romhpa teachd-shaoghal nas fheàrr a chruthachadh do 37 prìomh ghnèithean air cladach is eileanan na h-Alba. Le maoineachadh bho Mhaoin Dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta, tha sinn ag obair fad ceithir bliadhna gu leth airson aghaidh a thoirt air a’ bhuaidh a bheir atharrachaidhean àrainneachdail air an fhiadh-bheatha, an dà chuid airson math an nàdair is nan daoine.Tha Glèidhteachas nam Muir-thìreach is nan Snàigeach, Urras Glèidhteachas nan Ialtagan, Buglife, Urras Glèidhteachas nan Seilleanan-mòra, Glèidhteachas nan Dealan-dè, NàdarAlba, Plantlife, agus RSPB na h-Alba anns a’ chom-pàirteachas.