17 Cèitean 2023
Chuireadh prògram glèidhteachais ioma-ghnèitheach, Gnèithean air an Oir, air a chasan sna h-Eileanan an Iar le bùth-obrach air daolag ola na h-amhaich goirid ann an Uibhist a Tuath agus 24 de na biastagan tearca gan lorg air an latha.
Às dèidh do bhuidheann dealasach ann an Tiriodh cluinntinn tro na meadhanan sòisealta mu shoirbheas an tachartais, chaidh iad fhèin an toir na daolaige agus shoirbhich leotha-san cuideachd. ’S e seo a’ chiad uair a lorgadh daolag ola na h-amhaich goirid ann an Tiriodh.
Tha Gnèithean air an Oir na phròiseact com-pàirteachais ùr a tha dàna ’s àrd-amasach. Tha ochd buidhnean glèidheachtais an sàs ann ’s iad uile a’ cur romhpa cor 37 prìomh ghnèithean a lorgar air costa ’s eileanan na h-Alba a thoirt am feabhas. Tha obair a’ phrògraim ga roinn eadar seachd sgìrean: na h-Eileanan A-Staigh ’s Earra-Ghàidheal; Salmhaigh; An Costa an Ear; An Costa a Tuath; Arcaibh; Sealtainn; agus na h-Eileanan an Iar.
Chuireadh an obair aig Gnèithean air an Oir sna h-Eileanan an Iar air bhog le tachartas Dimàirt 25 An Giblean 2023. Dh’ionnsaich an fheadhainn a bha an làthair mun phrògram fhèin agus mu thè de na 37 prìomh ghnèithean, daolag ola na h-amhaich goirid, aig Ionad Àiteachais Uibhist a Tuath mus tug iad Baile Raghnaill orra airson a’ bhiastag thearc a shireadh. B’ e cuairt shoirbheachail a bh’ innte agus lorg an luchd-frithealaidh 24 daolagan.
Thuirt Sally Morris, Oifigear Glèidhteachais aig Buglife “Ann an 2020, cha robhar mothachail air daolagan ola na h-amhaich goirid ann an Alba ach ann an Colla. Ri linn Gnèithean air an Oir ’s àrdachadh mothachaidh orra, tha barrachd dhiubh gan lorg air feadh na h-Alba. Tha daolagan ola na h-amhaich goirid tearc anns an Rìoghachd Aonaichte agus tha cunnart ann gun tèid iad à bith air sgàth ’s gu bheil an àireamh dhiubh gu math beag ’s iad sgapte bho chèile. ’S e deagh chomharra a th’ anns na daolagan air eag-shiostam bith-iomadach fallain. Thairis air an ath cheithir bliadhna, bidh sinn a’ bruidhinn ri uachdarain-fhearainn air mar a ghabhas an talamh aca a làimhseachadh airson coir chearta a thoirt dhan daolaig, agus neo-dhruim-altachain eile.”
Thuirt Fiona Strachan, Manaidsear Gnèithean air an Oir aig NàdarAlba “Bha e sgoinneil a bhith còmhla ri sgioba Gnèithean air an Oir sna h-Eileanan an Iar agus pàirt a ghabhail sa chiad tachartas den phrògram bhrosnachail ùr seo. Abair gun robh e math gun do lorg sinn daolagan ola na h-amhaich goirid ann an àite ùr. Tha e na chomharra air an uiread a tha ri lorg ’s ri ionnsachadh fhathast mu na gnèithean a th’ againn air na costaichean ’s sna h-eileanan againn.”
Bha an tachartas seo cuideachd na thòiseachadh air pròiseact saidheans saoranaich aig Buglife, Scottish Oil Beetle Search.
Bha Katy Malone (Urras Glèidhteachais nan Seilleanan), Manaidsear Sgìreil Gnèithean air an Oir sna h-Eileanan an Iar, air bhioran an daolag thearc a lorg agus tachartasan poblach a chur gu dol sna h-Eileanan an Iar: “Tha am bùth-obrach seo na thoiseach tòiseachaidh air prògram a mhaireas ceithir bliadhna sna h-Eileanan an Iar, agus dhomhsa dheth, cha b’ fheàrr dha a bhith na b’ fheàrr. ’S e seo a’ chiad tachartas am measg iomadh cruinneachaidh a tha fa near dhuinn san ath cheithir bliadhna. ’S fhiach do mhuinntir an àite ’s luchd-tadhail sùil a chumail air Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean, a tha ga co-òrdanachadh le Urras Glèidhteachais nan Seilleanan thairis air an ath cheithir bliadhna mar phàirt de phrògram farsaing Gnèithean air an Oir.”
Bidh Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean a’ dol bho Dhisathairne 24 Ògmhios gu Disathairne 01 Iuchar 2023 agus tha i na cothrom do luchd-frithealaidh ceum nas fhaisge a ghabhail ri nàdar tro chuairtean-iùil, tursan bàta, cur seachadan air a’ bhlàr a-muigh, taisbeanaidhean agus eile.Tha ùine ann fhathast a dhol an sàs anns an fhèis, leithid a bhith a’ ruith tachartas, a’ cuideachadh aig tachartasan, no a’ cur taic le rianachd na fèise. Airson an tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh post-d gu mairi.carrey@bumblebeeconservation.org.
Tha Gnèithean air an Oir na chom-pàirteachas eadar Glèidhteachas nam Muir-thìreach ’s nan Snàigeach, Urras Glèidhteachais nan Ialtagan, Buglife, Urras Glèidhteachais nan Seilleanan, NàdarAlba, Plantlife agus RSPB na h-Alba. Bidh na h-ochd buidhnean ag obair ann an co-bhonn airson prògram a mhaireas ceithir bliadhna gu leth a thoirt gu buil. Thèid iad an sàs airson buaidh atharrachaidhean na h-àrainneachd air fiadh-bheatha ’s buannachdan an dà chuid do nàdar ’s do dhaoine adhartachadh. Cosgaidh am prògram còrr ’s £6.5 millean, le £4m de mhaoineachadh a’ tighinn o Mhaoin Dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta.
Tha coimhearsnachdan ionadail nam prìomh phàirt de phrògram Gnèithean air an Oir. Thairis air a’ cheithir bliadhna gu leth, bidh oifigearan pròiseict anns na seachd sgìrean ag obair gu dlùth ris na daoine a tha a’ fuireach ann ’s gan cuideachadh airson a’ bhith-iomadachd a th’ air an stairsich fhèin a dhìon. Bidh am prògram a’ tabhann chothroman airson sgilean ’s eòlas ùr ionnsachadh aig bùthan-obrach, trèanadh ’s obair saor-thoileach. Bidh greisean-obrach ’s cothroman meantoraidh ann cuideachd.
Gheibhear an tuilleadh fiosrachaidh mu Ghnèithean air an Oir air an làraich-lìn aca.
Leanaibh adhartas a’ phrògraim air Twitter (@SpeciesEdge) agus air Facebook.