15 March 2024
Tha clàradh thachartasan airson prògram 2024 aig Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean fosgailte.
Tha an Fhèis a’ sireadh measgachadh de luchd-aoigheachd airson tachartasan a chur air dòigh air feadh nan eilean tron treas chuirm bhliadhnail seo sna h-Eileanan Siar, a bhios a’ dol bho 22mh – 29mh Ògmhios am-bliadhna is Iomall na Fèise a’ ruith rè an Iuchair.
Tha fàilte ro dhaoine aig a bheil ùidh ann an tachartas a chur air dòigh no àite a chur air adhart airson tachartais clàradh air làrach-lìn na fèise: Outer Hebridies Wildlife Festival.
Am measg nan tachartasan aig an fhèis sna bliadhnaichean mu dheireadh bha cuairtean treòraichte, tursan bàta, spòrs air an uisge leithid snorgaladh is surfadh, bùthan-obrach air sgrìobhadh nàdair, trèanadh air suirbhidheadh mhamalan mara, safari an t-seillein-mhòir, trèanadh air aithneachadh ghnèithean, bùthan-obrach Gàidhlig, taisbeanaidhean ealain agus gu leòr eile.
Bidh an Fhèis cuideachd a’ sireadh saor-thoilich a chuidicheas ris an fhèis a thoirt gu buil, cho math ri luchd-ealain a chuireas ri taisbeanadh ealain na Fèise. Gheibhear fiosrachadh mu na cothroman seo air làrach-lìn na Fèise a dh’aithghearr.
Tha an Fhèis ga co-òrdachadh le Gnèithean air an Oir, prògram glèidhteachais luach nam milleanan de nòtaichean airson na gnèithean as teirce a tha fo chunnart air cladach is eileanan na h-Alba a leigheas.
Mar phàirt de dh’obair a’ phrògraim is e a’ dol am bad call na bith-iomadachd air feadh na h-Alba, tha Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean na cothrom do mhuinntir na sgìre is luchd-tadhail an tuilleadh ionnsachadh mu fhiadh-bheatha shònraichte nan Eilean Siar agus tlachd a ghabhail aiste tro thachartasan leis a’ choimhearsnachd, cho math ri bhith a’ dol an sàs ann an oidhirpean glèidhteachais.
Thuirt Màiri Robastan, Co-òrdanaiche na Fèise bho Urras Glèidhteachas nan Seilleanan-mòra: “Bha fèis na bliadhna an-uiridh gu math soirbheachail; bha farsaingeachd nan tachartasan air leth agus bha iad nan comharra air na diofar dhòighean anns an gabh sinn tlachd à nàdar ’s mar a bheir e brosnachadh dhuinn. ’S e toileachas a bh’ ann taic a chur ri iomadach pròiseact a bha a’ dol aig ìre na coimhearsnachd, gnìomhachasan ionadail, luchd-ealain is ionadan.
“Am-bliadhna-sa tha sinn an dòchas an tuilleadh dhaoine a bhrosnachadh gus ceangal a dhèanamh ri nàdar is ri chèile agus an tuilleadh ionnsachadh mu ar n-àrainneachd nàdarra air leth agus na dòighean anns an gabh a dìon. Ma tha sibh airson bruidhinn rinn mu bheachd a th’ agaibh airson tachartais, cuiribh fios: mairi.carrey@bumblebeeconservation.org.”
Bha Alasdair Allan, BPA airson nan Eilean Siar is Curaidh Nàdair airson an t-seillein mhòir bhuidhe, na fhear-an-taighe aig fèis na bliadhna an-uiridh agus bha e cuideachd an làthair aig tachartasan eile. Thuirt e: “Bha Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean gu math soirbheachail an-uiridh, agus bha e na thlachd dhomh a bhith an sàs innte. Tha sinn cho fortanach an seo sna h-Eileanan Siar gu bheil sàr bheartas nàdair is fiadh-bheatha air an stairsnich againn fhìn, agus mholainn don uiread is a ghabhas de dhaoine a dhol an sàs ann am fèis na bliadhna-sa, bitheadh sin le stiùireadh no frithealadh thachartasan no le bhith a’ dol a-mach a dh’fhaicinn an t-saoghail nàdarra mun cuairt oirnn.”
Tha Gnèithean air an Oir na dhòigh ùr, dhàna air glèidhteachas ghnèithean is e a’ toirt luchd-obrach, goireasan is eòlas bho air feadh na roinn glèidhteachais còmhla airson a dhol am bad call na bith-iomadachd air feadh na h-Alba. Le maoineachadh o Mhaoin Dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta, tha Gnèithean air an Oir na chom-pàirteachas eadar Glèidhteachas nam Muir-thìreach is nan Snàigeach, Urras Glèidhteachais nan Ialtag, Buglife, Urras Glèidhteachais nan Seilleanan-mòra, Glèidhteachas nan Dealan-Dè, NàdarAlba, Plantlife agus RSPB na h-Alba. Airson an tuilleadh fiosrachaidh mun phrògram is an obair aige air feadh na h-Alba, faic speciesontheedge.co.uk.
Thuirt Anndra MacThòmais, Manaidsear Margaideachd is Conaltraidh aig Maoin Dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta ann an Alba: “Le taing do chluicheadairean a’ Chrannchuir Nàiseanta tha sinn a’ cur taic ri pròiseactan Gnèithean air an Oir air feadh cladach is eileanan na h-Alba airson cuid de na gnèithean a tha fon chunnart as motha a dhìon agus cuideachd airson an tuilleadh chothroman a thoirt do choimhearsnachdan a dhol an sàs san obair chudromaich sin.
“Le bhith a’ cur air dòigh tachartas mar phàirt den fhèis bithear a’ togail aire air na cothroman a th’ ann taic a chur ris an dualchas nàdarra, a’ ruigsinn an tuilleadh dhaoine le fiosrachadh air mar a thig iad an sàs ann agus cothrom bruidhinn air na buannachdan dha ar sunnd a thig an cois nàdair.”